Bha mi cho fo eagal ionnsaigh is nach b’ urrainn dhuinn na mionaidean sìmplidh, làitheil sin a mhealtainn còmhla. Ach cha do leig an duine agam seachad a-riamh, agus a-nis tha sinn air ais san aon cheum.
Bha Mam an-còmhnaidh fo uallach mu bhith a’ dol air saor-làithean oir bha feum againn a bhith faisg air an ospadal. A-nis tha cùisean nas fheàrr tha i ag ràdh gun urrainn dhuinn a dhol gu dùthaich eadar-dhealaichte… Chan urrainn dhomh feitheamh gus a dhol a choimhead airson iasg.
Is toigh leam coiseachd, ach tha mi an-còmhnaidh air a bhith draghail gum faodadh rudeigin tachairt. Às dèidh dhomh mo làimhseachadh atharrachadh is urrainn dhomh gluasad beagan nas fhaide na bha mi roimhe.
Bha mi dha-rìribh ag ionndrainn a h-uile othail san oifis nuair a bha mi glaiste aig an taigh… bhon a fhuair mi mo chungaidh-leigheis ceart, tha mi air ais ann am meadhan a’ chùis a-rithist.
Bidh dotair no eòlaiche comasach air innse dhut a bheil an asthma agad dona, agus do chuideachadh le bhith a’ lughdachadh nan comharraidhean agus a’ bhuaidh a th’ aca air do bheatha ma tha seo fìor.
Is urrainn dhuinn do chuideachadh le bhith ag ionnsachadh barrachd mu dheidhinn a’ chuing throm, do chòir air làimhseachadh agus mar a lorgas tu do bhuidheann euslaintich ionadail.
Tha Define Your Asthma air a stiùireadh agus air a cho-òrdanachadh le Global Allergy and Airways Patient Platform (GAAPP) ann an com-pàirteachas leis na buidhnean ball aca. Tha an iomairt air a taiceadh le GSK, tro thaic bho bhuidhnean conaltraidh neo-eisimeileach agus tabhartas foghlaim.